Latha ciùin, sàmhach/ A peaceful, quiet day

Latha ciùin, sàmhach ann an Lios Mòr a-rithist.  Ged nach robh mòran a’ tachairt aig Seahorse an-diugh, bha Frank, an coileach a tha a’ fuireach an sin, toilichte gam fhaicinn!  

A quiet, peaceful day on Lismore again.  Although there wasn't a huge amount happening at Seahorse today, Frank, the resident cockerel, was pleased to see me!



Thàinig Ealasaid dhachaigh feasgar an-diugh.  Chuir i seachad an oidhche aig taigh a caraid...chan eil mi cinnteach gun robh mise air a bhith deònach filmichean mar Titanic no Jaws fhaicinn aig 12 bliadhna dh’aois, ach ma tha ise toilichte...!  

Ealasaid came home this afternoon.  She had a sleepover at her friend's house...I'm not sure that I'd have wanted to watch films like Titanic or Jaws when I was 12 years old, but as long as she's happy...!  


Co-dhiù...air ais dhan obair airson Etsy!  Tha na càirtean Bhaileantain beò air an làrach-lìn a-nis - tha iad ri fhaicinn an seo.

Anyway...back to work for Etsy!  The Valentine's cards are now live on the site - they can be seen here.  


Comments

Popular posts from this blog

Co-fharpais na Càisge/ Easter Competition

Tha mi air ais!/ I'm back!

30 Bliadhna/ 30 years